Scots Gaelic Bible

John 21

Mark

Return to Index

Chapter 1

1

T oiseachd soisgeul Iosa Criosda, Mac Dhe.

2

Air reir `s mar tha e sgriobhte san fhaidh Isaias: seall, cuiridh mi m` aingeal roimh do ghnuis, a reiticheas do shlighe romhad.

3

Guth neach ag eigheach san fhasach: Reitichibh slighe an Tighearna, agus dianaibh a rathadain direach.

4

Bha Eoin anns an fhasach a baisteadh, `sa searmonachadh baisteadh an aithreachais gu mathanas pheacannan.

5

Agus chaidh duthaich Iudea uile mach ga ionnsuidh, agus muinntir Ierusalem gu leir, is bhaisteadh iad leis ann an abhuinn Iordain ag aideachadh am peacannan.

6

Agus bha Eoin air eideadh le fionnadh chamhal, is crios leathair mu mheadhon; agus dh` ith e locuist is mil fhiadhaich. Agus shearmonaich e ag radh:

7

Tha fear nas cumhachdaiche na mise tighinn as mo dheigh: neach nach airidh mise air cromadh sios is barail a bhrogan fhuasgladh.

8

Bhaist mise sibh le uisge; ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.

9

Is thachair, gun tainig Iosa anns na laithean sin bho Nasareth Ghalile; agus bhaisteadh e le Eoin ann an abhuinn Iordan.

10

`S air ball a direadh as an uisge, chunnaic e neamh fosgailte, `s an Spiorad mar chalman a tearnadh `sa fantuinn air.

11

Agus thainig guth bho neamh : Is tusa mo Mhac gaolach, is mor mo thlachd dhiot.

12

Agus ghrad-ghreas an Spiorad e dhan fhasach.

13

Agus bha e san fhasach da-fhichead latha, agus da-fhichead oidhche; is bhuaireadh le Satan e; `s bha e comhla ris na h-ainmhidhean, agus bha na h-ainglean a frithealadh dha.

14

`S an deigh do dh` Eoin a bhith air a chuir an greim, thainig Iosa do Ghalile, a searmonachadh soisgeul rioghachd Dhe,

15

`S ag radh: Tha `n t-am air a choimhlionadh, `s tha rioghachd Dhe aig laimh; deanaibh aithreachas, agus creidibh san t-soisgeul.

16

`Sa gabhail ri taobh muir Ghalile, chunnaic e Simon,agus Anndra a bhrathair, a cur lion sa mhuir (oir b` iasgairean iad.),

17

Agus thuirt Iosa riutha: Thigibh leanaibh mise, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh.

18

Agus ghrad dh` fhag iad na lin, is lean iad e.

19

`Sa gabhail as a sin ceum beag air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eoin a bhrathair, `s iad a caradh nan lion sa bhata:

20

Agus ghairm e iad san uair. `Sa fagail an athar Sebede maille ris an luchd thuarasdail sa bhata, lean iad e.

21

Agus chaidh iad a stigh do Chapharnaum; agus air dha a dhol a stigh gun dail air na laithean sabaid dhan t-sinagog, theagaisg e iad.

22

Agus ghabh iad ioghnadh ri theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, `s chan ann mar na Sgriobhaich.

23

Agus bha san t-sinagag aca duine anns an robh spiorad neoghlan, is dh` eigh e

24

Ag radh: Ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? An tainig thu gus ar sgrios? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe.

25

Is mhaoith Iosa air, ag radh: Bi samhach, agus gabh a-mach as an duine.

26

`S an spiorad neoghlan ga reubadh, `s ag eigheach le guth ard, chaidh e mach as.

27

Agus ghabh iad uile ioghnadh, ionnus gun d` fharraid iad `nam measg fhein, ag radh: De tha so? De an teagasg ur so? oir tha e toirt orduigh le cumhachd do na spioraid neoghlan fhein, agus tha iad umhail dha.

28

`Agus sgaoil iomradh air gun dail feadh duthaich Ghalile uile.

29

`Sa dol a mach air ball as an t-sinagog, thainig iad maille ri Seumas is Eoin gu tigh Shimoin is Anndra.

30

Agus bha mathair-cheile Shimoin `na laidhe ann am fiabhras; agus dh `innis iad dha gun dail mu deidhinn.

31

Agus thainig e, `sa breith air laimh oirre thog e i is ghrad-dh` fhag am fiabhras i, agus fhreasdail i dhaibh.

32

`S nuair thainig am feasgar, `sa chaidh a ghrian fodha, thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach, agus anns an robh deomhain.

33

`S bha am baile uile air cruinneachadh aig an dorus.

34

Agus leighis e moran, a bha air an leireadh le iomadh gne ghalar, agus thilg e mach moran dheomhan, `s cha do leig e leo labhairt, a chionn `s gum b` aithne dhaibh e.

35

`S ag eirigh ro-mhoch, `sa dol a mach, chaidh e gu aite fas; is rinn e urnaigh an sin.

36

Agus lean Simon e, agus iadsan a bha comhla ris.

37

`S nuair a fhuair iad e, thuirt iad ris: Tha iad uile gad shireadh.

38

Is thuirt e riutha: rachamaid dha na bailtean sa choimhearsnachd, gus an searmonaich mi an sin cuideachd: `s gur ann air son so a thainig mi.

39

`S bha e teagasg `nan sinagogan, `s feadh Ghalile uile, `sa tilgeadh a-mach dheomhan.

40

Agus thainig lobhar ga ionnsuidh, a guidhe air; `sa tuiteam air a ghluinean,thuirt e ris: Ma `s aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh.

41

`Sa gabhail truais ris, shin Iosa a lamh, `sa beantuinn dha, thuirt e ris : Is aill leam: bi glan.

42

`S nuair thuirt e so, ghrad-dh` fhag an luibhre e, agus bha e air a ghlanadh.

43

`S thug e sparradh cruaidh dha, agus leig e air falbh e gun dail;

44

`S thuirt e ris: Fiach nach innis thu do neach sam bith : ach falbh, fiach thu fhein don ard-shagart, agus tairg air son do ghlanaidh na nithean a dh` orduich Maois, mar theisteanas dhaibh.

45

Ach air dhasan a dhol a mach, thoisich e ri innse, `s ri sgaoileadh an sgeoil; air chor `s nach b` urrainn dha a nis a dhol a stigh don bhaile gu follaiseach, ach dh` fhuirich e a mach ann an aiteachan fas, agus chrunnaich iad as gach aite ga ionnsuidh.

Mark 2

 

 

 

 

HTMLBible Software - Public Domain Software by johnhurt.com

 


Other Items are Available At These Sites: